Sgeama faochaidh chonnaidh ga leudachadh

Tha an Coimisean Eòrpach air gabhail ri plana Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte airson faochadh air cìs a' chonnaidh ann an sgìrean iomallach air Tìr Mòr.

Bidh sgìrean air a' Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal a' faighinn buannachd às an sgeama nach robh, gu ruige seo, ach ann an sgìrean eileanach.

Bidh 5sg san lìotair ga thoirt far prìs a' chonnaidh.

'S ann anns na sgìrean còd-puist seo a leanas a bhios an sgeama an sàs air Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal: IV54, IV26, IV27, PH36, PA80, PA38, IV22, PH41, KW12, PH23, PH19, IV21 agus IV14.