Ceannard eadar-amail air Port Steòrnabhaigh

Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh air Iain MacIllInnein ainmeachadh mar àrd-oifigeach eadar-amail, gus an tèid cuideigin a chur san dreuchd làn-ùine.

Bha Mgr MacIllInnein ag obair aig an Ùghdarras fad 27 bliadhna.

Bha e na àrd-oifigeach fad 14 bliadhna, gus an do dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2010.

Bidh an Caiptean Roddy Jardine a' gabhail obair mar Leas-Mhaighstir Cala.