Leabhar-là Hiort a' dol air-loidhne

Alice NicLachlain Image copyright NTS
Image caption Chuir Alice 's an duine aice Peadar, a bha na mhinistear, trì bliadhnaichean seachad air Hiort.

Thèid pìosan à leabhar-là a chum tidsear-sgoile nuair a bha i ag obair an Hiort tràth anns an linn mu dheireadh a chur air-loidhne.

Bha Alice NicLachlain à Haddington a' fuireach an Hiort còmhla ris an duine aice, a bha na mhinistear.

Ghluais Peadar MacLachain, a bhuineadh do Thobar Mhoire, agus a bhean Alice chun an eilein ann an 1906.

Chuir an dithis aca trì bliadhnaichean seachad ann, le Peadar a' cumail chlasaichean sa mhadainn, agus Alice a' teagasg an 22 sgoilear feasgar.

Tha an leabhar-là a' tòiseachadh ann an Gairbh, far an robh an dithis ag obair roimhe, mus do ghluais iad a Hiort.

An dèidh dhaibh Hiort fhàgail ann an 1909, chuir iad trì bliadhnaichean seachad ann an Gleann Eilge, mus do ghluais iad air a' cheann thall a dh'Àth Tharracail, far an do chaochail Alice le cerebral haemorrhage aig aois 48.

Chum Alice NicLachlann leabhar-là fhad 's a bha i a' fuireach ann an Hiort, is tha Urras Nàiseanta na h-Alba air innse gun cuir iad pìosan dheth air-loihdne 'son a' chiad turais.

Bidh iad rim faicinn air an eadar-lìon bho Dhiluan seo tighinn.