Sàbhailteachd anns na beanntan
- Air fhoillseachadh
Tha co-bhanntachd ùr ga stèidheachadh eadar NHS na Gàidhealtachd agus Seirbheis Teasairginn nam Beann a tha ag amas air piseach a thoirt air sàbhailteachd luchd-sreap nam beann anns a' cheann a tuath.
Tha àrdachadh air tighinn gach bliadhna, thairis air na deich bliadhna a dh'fhalbh, air an àireamh dhaoine a chaidh a ghoirteachadh fhad 's a tha iad a' sreap nam beann.
'S ann ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd a tha ceithir de na prìomh sgiobaidhean tearsairginn ann an Alba - Loch Abar, Gleann Comhann, an t-Àrar agus sgioba a' Mhonaidh Ruaidh.
Thuirt Cameron Stark, a tha na eòlaiche air slàinte a' phobaill aig NHS na Gàidhealtachd, gu bheil iad a' faicinn barrachd thubaistean anns na beanntan as t-Samhradh, leithid daoine a' fulaing le trioblaidhean cridhe.
Thèid tuilleadh trèanaidh a thoirt dha na sgiobaidhean air na diofar sheòrsaichean thubaistean ris am feum iad dèiligeadh.
'S e amas na h-iomairt, lùghdachadh a thoirt air an àireamh dhaoine a tha a' call am beatha ann am beanntan a' chinn a tuath gach bliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 12 An Dùbhlachd 2014