Dà bhus far an rathaid sna h-Eileanan Siar

Tha rannsachadh a' dol an dèidh mar a thàinig dà bhus, le clann-sgoile air bòrd, far an rathaid anns na h-Eileanan Siar madainn Dihaoine, ann an aimsir gheamhradail.

Chan eil ceangal eadar an dà thachartas.

Thàinig aon bhus far an rathaid aig Tòrlum ann am Beinn nam Fadhla.

Thàinig meanbh-bhus far an rathaid ann an Sgìre Ùig' ann an Leòdhas.

Thuirt oifigich aig Comhairle nan Eilean Siar nach deach duine a ghoirteachadh gu dona.

Tha cuid de phàrantan air a' Chomhairle a chàineadh ri linn staid nan rathaidean, ach thuirt an t-ùghdarras iondail gun deach am pìos den rathad far an tàinig am bus ann an Tòrlum, air a shailleadh.