Dòchas ùr mu chàball a' Chuain Sgìth

  • Air fhoillseachadh
Càball air grunnd na mara
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh iomadh dàil thuige seo air pròiseict a' chàbaill, a tha deatamach airson leasachadh a thoirt iar cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil adhartas a-nise a' tighinn gu ruige càball dealan mara a stèidheachadh eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr.

Thathas a' faicinn a' chàbaill fìor dheatamach ma tha na h-Eileanan Siar gus buannachd fhaighinn à cumhachd ath-nuadhachail.

Chaidh bacadh air cuid de sgeamaichean ath-nuadhachail san sgìre mar-thà ri linn dìth adhartais leis a' chàball.

Às dèidh coinneimh eadar riochdairean na Comhairle, luchd-leasachaidh, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, tha dòchas às ùr ann gu bheilear a' dèiligeadh ri cnapan-starra a bha a' cur maill air a' phròiseict.

Subsadaidh

Tha cead Eòrpach a-nise ga shireadh airson aonta air subsadaidh air a' phrìs as ìsle a bhiodh air dealan às na h-Eileanan an Iar.

Tha dòchas ann cuideachd gun gabh aonta a ruighinn air an t-subsadaidh a tha sin a stèidheachadh 'son ùine gus am bi fios le cinnt aig luchd-leasachaidh air a' phrìs a gheibh iad nuair a thòiseachas na sgeamaichean aca.

Bu chòir gum fàg sin gun gabh plana-gnìomha a' chàbaill a chur air adhart gu Ofgem 'son co-dhùnadh an tèid an gnothach air adhart.

"Tha mi a' smaoineachadh gun robh ceistean mòra aig cuid de na companaidhean a tha airson leasachaidhean a thoirt air adhart, ma 's e is nach robh an càball gu bhith air a chur an àite mus bi a' phrìs airson chumhachd a thoirt a-mach ann", thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

Comhfhurtachd

"Ma chuireas an Riaghaltas seo ann an àite, tha sin a' dol a thoirt comhfhurtachd dha na companaidhean agus ged a shìneadh an càball a-mach 's dòcha sia mìosan no bliadhna, dh'fhaodadh an càball fhathast a bhith ann ann an 2019 no 2020.

"Ged a shìneadh e a-mach dhà no trì mìosan no bliadhna às dèidh sin bhiodh e fhathast a' toirt comhfhurtachd dhan fheadhainn a tha a' toirt leasachaidhean air adhart gum bi a' phrìs stèidhichte aon uair is gun tèid na leasachaidhean air adhart", thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gun robh na companaidhean leasachaidh air a bhith foighidneach thuige seo is gun cum iad taic ris a' phròiseict oir tha iad mothachail air na buannachdan mòra a bhios ann dhaibh air a' cheann thall ma thig an càball gu bith.

Thuirt e cuideachd nach bu chòir an taghadh coitcheann sa Chèitean buaidh a thoirt air a' ghnothach is e ag ràdh gu bheil a' Chomhairle an dùil gun cuireadh as bith cò bhios a' riaghladh às dèidh an taghaidh geallaidhean an Riaghaltais a th' ann an-dràsta an sàs.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh