Ceathrar air an goirteachadh an Àird nan Saor
- Air fhoillseachadh
Thachair an tubaist beagan ro 0920 Diluain
Chaidh ceathrar a bha a' coiseachd air an rathad eadar baile Àird nan Saor agus Gearasdan Deòrsa a ghoirteachadh às dèidh do chàr bualadh annta madainn Dhiluain.
Chaidh duine a sgèith dhan ospadal ann an Inbhir Nis às dèidh na tubaiste a thachair mu 09:20m, agus chaidh an triùir eile a thoirt ann le carbadan-eiridinn.
Chan eil duine aca ann an cunnart am beatha.
Dhearbh Poilis na h-Alba gu robh an luchd-coiseachd agus dràibhear a' chàir uile nam buill de na feachdan armaichte.
Thuirt iad gur e tubaist a bha seo ge-tà, agus nach e ionnsaigh cheannairc a bh' ann.
Thathas ag iarraidh air daoine aig a bheil fiosrachadh mun tubaist fònadh thuca air an àireamh-fòn 101.