Dragh mu dìth adhartais air SAC

Barraigh
Image caption Chaidh cumhnant airson plana-stiùiridh a thoirt do Bhuidhinn Saor-thoileach Bharraigh is Bhatarsaigh o chionn còrr is bliadhna.

Thog a' bhuidheann-iomairt SHAMED draghan mun adhartas a tha ga dhèanamh a thaobh plana-stiùiridh ionadail airson sgìre ghlèidhte Chaolas Bharraigh.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air Buidheann Saor-Thoileach Bharraigh 's Bhàtarsaigh am plana a chur ri chèile.

Thuirt SHAMED ge-tà, gu bheil coltas ann gu bheil am pròiseas sin a-niste air dheireadh leis gun robh dùil aca ris a' phlana ro dheireadh na bliadhna an-uiridh.

"A bharrachd air a' ghealltanas a thug am ministear seachad o chionn dà, dh'fhaoitde trì bliadhna air ais nuair a choinnich e an Leòdhas agus am Barraigh, thàinig deannan a-mach às na coinneamhan a bha sin," thuirt cathraiche SHAMED, Aonghas MacLeòid.

"Fear dhiubh 's e gum biodh plana-stiùiridh aira chur ri chèile, agus cum biodh e air a ruith leis na coimhearsnachdan.

"Chaidh sin a chur a-mach ann an cùmhnant còrr is bliadhna air ais. Chaidh an cùmhnant a thoirt do bhuidhinn ann am Barraigh, gus daoine a thoirt ri chèile chun a' bhùird, agus plana a dhèanamh suas, agus comataidh a dhèanamh suas.

"Ach chun na h-ìre a tha seo, chan fhaca sinn gun deach an t-uabhas gluasaid a dhèanamh air sin.

"Choinnich sinn leotha as t-Samhradh seo chaidh, agus thug sinn seachad ar beachdan gun robh rudan caran slaodach, 's aig an ìre a bha siud bha dùil againn gum biodh sinn nas fhaide air thoiseach.

"Bha iad a' cumail ag innse gun robh iad ag obair air, ach chan eil sìan a' gluasad air aghaidh aig a' mhionaid a tha seo co-dhiù."

Thuirt Buidheann Saor-Thoileach Bharraigh is Bhatarsaigh gu bheil iad fhathast a' trusadh fiosrachaidh bhon choimhearsnachd agus nach eil ceann-là sònraichte romhpa airson crìoch a chur air an obair sin.