Sluigean air fosgladh air raon-goilf

Sluigean air raon-goilf na Tràghad Image copyright Raon-goilf na Tràghad
Image caption Feumar mu 200 tunna de ghainneimh airson an toll a lìonadh. Tha an raon-goilf fhathast fosgailte do bhuill den chluba.

Tha sluigean mòr air fosgladh air an raon-goilf as fhaide an iar air Tìr Mòr na h-Alba.

Dh'fhosgail an toll, a tha 9tr (3m) de dhoimhnead agus 22tr (7m) de dh'fhaid, an dèidh uisge trom a dh'fhalbh le drèana a bha a' ruith fon raon-ghoilf aig Tràigh, faisg air Malaig.

Tha a-niste tighinn air an raon-ghoilf an £16,000 a tha dùil gun cosg an obair-càraidh a lorg.

Chaidh feansa a chur timcheall na tuille, agus tha an raon naoi toll fhathast fosgailte do bhuill a' chluba.

Dèiligidh àrachas a' chluba ri cuid den chosgais, ach tha dùil gum feum iad fhathast lorg fhaighinn air na mìltean notaichean.

Feumar mu 200 tunna de ghainneimh airson an toll, a tha faisg air an t-seachdamh faiche den raon, a lìonadh.