Dragh mu shailleadh an Uibhist a Tuath

Làraidh-saillidh Image copyright PA
Image caption Thuirt a' Chomhairle nach eil dùil aca coimhead ris a' phoileasaidh a-rithist gu 2017.

Sgrìobhaidh Comhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath gu Comhairle nan Eilean Siar is dragh ann mu shailleadh nan rathaidean san sgìre.

Aig coinneimh den chomhairle choimhearsnachd oidhche Luain, nochd iomagain gu bheil cuid de rathaidean na sgìre cunnartach air sgàth 's nach eil salainn ga chur orra tràth gu lèor gach madainn.

"Thog daoine draghan mu dheidhinn nach eil na rathaidean air an sailleadh tràth gu leòr 's na maidnean, air sàilleabh tha aiseag a' falbh à Loch nam Madadh a dh'Ùige, trì maidnean san t-seachdain aig 07:15m," thuirt Cathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Sheena Stiùbhart.

"Tha sin a' ciallachadh gum feum carbadan a bhith a-muigh aig a' phort an Loch nam Madadh airson 06:30m.

Tairgse

"Prìomhachas 1 a th' aig a' Chomhairle, 's e gum bi na rathaidean a tha sin air an sailleadh ro 07:30m.

"Tha sin ro anmoch, airson nan daoine a tha a' falbh air an aiseag a tha sin mar eisimpleir.

"Agus tha cuideachd aiseag a' falbh à Beàrnaraigh dhan t-Òb sna Hearadh a h-uile madainn.

"Chan eil fiù 's prìomhachas 1 aig an rathad a tha sin, 's e Prìomhachas 2 a th' ann, agus tha sin ag ràdh nach fheum na rathaidean a bhith air an sailleadh gu 08:30m.

"Nam biodh an salainn air a chur sìos nas tràithe, agus can fiù 's nan cuireadh iad Prìomhachas 1 uair nas tràithe, agus Prìomhachas 2 uair nas tràithe, bhiodh an uair sin a' chuid as motha de na rathaidean air an dèanamh mus biodh aig daoine ris na taighean fhàgail airson a dhol dhan sgoil, no a dh'obair.

"Bha draghan air daoine gun robh an rathad eadar an Clachan, timcheall taobh an iar Uibhist a Tuath, gur e Prìomhachas 2 a th' aige sin. Agus tha sluagh mòr a' fuireach san sgìre a tha sin, fad an rathaid timcheall.

"Tha sin a' ciallachadh gum feum an rathad a bhith air a shailleadh airson 08:30m, agus thathar a' creisdinn gu bheil sin cus cus ro anmoch, thoradh tha an t-uabhas dhaoine air na taighean fhàgail ron a sin, agus tha tòrr den chloinn air a dhol dhan sgoil ron a sin.

"'S e gun deadh Prìomhachas 1 a chur air an rathad sin, agus tha sinn a' dol a chur litir chun na Comhairle a dh'iarraidh orra coimhead a-rithist air an t-slighe a tha sin, airson gun rachadh e a-staigh air Prìomhachas 1.

"Oir mar a chaidh innse dhuinn aig a' choinneimh Diluain, chan eil dùil aca coimhead air a' phoileasaidh aca a-rithist airson sailleadh gu 2017, nuair a thèid e air ais a-mach gu tairgse.

"Ach gum faodar faighneachd aig àm sam bith airson coimhead a-rithist air na slighean.

"'S e sin a tha sinn ag iarraidh air a' Chomhairle a dhèanamh, agus gun cuireadh iad an t-slighe a tha sin, agus an t-slighe gu Beàrnaraigh, chun an aiseig an sin, gum biodh sin cuideachd air Prìomhachas 1," thuirt i.