Ceum air fàire do sheirbheisean adhair

Plèana ann am Barraigh
Image caption Thuirt a' Chomhairle gu bheilear a' coimhead cuideachd air a' cheangal eadar Beinn nam Fadhla is Barraigh a-rithist.

Dh'fhaodadh planaichean gus seirbheis adhair còig là anns an t-seachdain a stèidheachadh às ùr eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh ceum eile a ghabhail an ath-mhìos.

Tha dùil ri toradh co-chomhairleachaidh eadar Comhairle nan Eilean Siar, Còmhdhail Alba agus Loganair ro choinneamhan comhairle a' Ghearrain.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad fhathast ag obair airson aonta a ruighinn an t-seirbheis a leasachadh, agus gu bheilear a' coimhead cuideachd air a' cheangal eadar Beinn nam Fadhla is Barraigh a-rithist.

"Tha sinne air a bhith ag obair air an sgrùdadh chomais a tha seo bho chionn faisg air 18 mìosan," thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdail na Comhairle, Iain MacAoidh.

"Agus tha sinn an dèidh a bhith a' còmhradh ri Còmhdhail Alba, 's Loganair, ach chan eil gealltanas againn.

"Tha iad deònach gu leòr ar cuideachadh 's lorg a-mach dè ghabhas dèanamh. Ach chun an seo chan eil càil againn as urrainn dhuinn a ràdh gu cinnteach a bheil càil a' dol a thachairt.

"'S e an càil as miosa dheth seo, gu bheil na cùmhnantan a tha seo a' dol gu 2017, agus chan eil co-fharpais mu choinneimh Loganair.

"Tha sinne a' smaoineachadh gu bheil sin a' cumail chùisean air ais, nach eil iad cho deònach co-rèiteachadh.

"Ach tha sinn ag obair air, tha sinn a' còmhradh riutha, agus tha sinn an dòchas gun tig iad an-àirde le rudeigin, 's gum bi rudeigin ri innse dhan Chomhairle air an ath-mhìos," thuirt e.