Bàt-iasgaich air a dhol fodha far Leòdhais

  • Air fhoillseachadh

Rinneadh cobhair air còignear chriutha air bòrd bàt-iasgaich a chaidh fodha far Rubha Robhanais ann an Leòdhas.

Chaidh an soitheach Èireannach Iuda Naofa ann an duilgheadasan mu 11:00m, nuair a thòisich i a' gabhail uisge, mu 48 mìle far Rubha Robhanais.

Leig heileacoptair Mhaor-cladaich Steòrnabhaigh pumpa sàbhalaidh don chriutha, ach cha do rinn sin feum.

Chaidh dithis den chriutha a thogail leis an heileacoptair gu ruige bàta eile, agus triùir eile gan toirt chun an ospadail.

Tha an triùir sin a' faighinn cùraim aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, 's iad air an lathadh leis an fhuachd.

Chaidh am bàt-iasgaich fodha.

Thuirt Paul Tunstall bho na Maoir-chladaich: "Bha an aimsir aig an làraich gu math garbh, le suailean mòra agus a' ghaoth aig neart 6.

"'S e rud mòr a bh' ann a bhith a' toirt a' chòigneir far a' bhàta gu sàbhailte mus deach i fodha."