Cion-airgid air Sgioba Teasairginn

Beanntan na Hearadh
Image caption Mar phàirt den iomairt chuir iad bhideo goirid ri chèile de sheallaidhean nan Eilean Siar, a' soilleireachadh na tha gam fàgail cho tarraingeach do shreapadairean agus luchd-coiseachd bho air feadh na Roinn Eòrpa.

Dh'fhoillsich Sgioba Teasairginn Bheanntan Innse Gall gu bheil e air faileachadh orra airgead gu leòr a thogail airson ionad eadar-amail a stèidheachadh dhaibh fhèin.

'S i sgioba Innse Gall, a chaidh a chur air chois ann an 2010, an sgioba teasairginn as ùire ann an Alba.

Tha an sgioba an-dràsta stèidhichte aig Stèisean Poilis Steòrnabhaigh.

Ach bha faireachdainn làidir am measg nam ball gum biodh iad na b' èifeachdaiche nam biodh dachaigh eadar-amail aca dhaibh fhèin.

Chuir iad romhpa co-dhiù £15,000 a thogail le a bhith a' sireadh thabhartasan tro Crowdfunding.

Mar phàirt den iomairt chuir iad bhideo goirid ri chèile de sheallaidhean nan Eilean Siar, a' soilleireachadh na tha gam fàgail cho tarraingeach do shreapadairean agus luchd-coiseachd bho air feadh na Roinn Eòrpa.

Bha aca ris an t-airgead a thionail ro Dhihaoine 16mh am Faoilleach, ach dh'fhoillsich an sgioba oidhche Mhàirt gun do dh'fhailich e orra sin a dhèanamh.

A' sgrìobhadh air làrach Facebook na buidhne, thuirt an sgioba gur e "briseadh-dùil eagallach" a bh' ann dhaibh nach robh iad air an targaid aca a ruighinn.

Gheall iad ge-tà gun cumadh iad orra a' dèanamh an dìcheill gus daoine a shàbhaladh, agus cùl-taic a chumail ris na seirbheisean èiginn ann an droch shìde.