Lìonra fòn-làimhe briste o chionn dà sheachdain

  • Air fhoillseachadh
Fòn-làimheTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an lìonra riatanach airson seirbheis nam First Responders, a tha a' toirt seachad cùraim mheidigich èiginnich san sgìre.

Tha lìonra fòn-làimhe a th' air a chleachdadh le sgeama meidigeach nam First Responders air a bhith ao-comasach a chleachdadh o chionn dà sheachdain.

Thuirt Uisdean Mac a' Phearsain, bho Chomhairle Coimhearsnachd Àth Tharacaill, nach gabhte ri call na seirbheis, a thòisich air an 9mh den Fhaoilleach.

Thuirt a' chompanaidh a tha a' ruith na seirbheis, EE, gun robh iad mothachail air an trioblaid leis an tarraing a tha a' toirt buaidh air sgìre Àth Tharacaill, agus tha iad air leisgeul a thabhainn air an luchd-cleachdaidh.

Bheir an t-seirbheis First Responders cùram meidigeach èiginneach taobh a-muigh uairean na h-oifis ann an sgìrean dùthchail air taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd.

Gun fòn-talmhainn

Nam measg, tha nursaichean, smàladairean gleidhte, agus saor-thoilich.

Thuirt Mgr Mac a' Phearsain ris a' BhBC gun deach obair mhòr a dhèanamh gus an sgeama a chur air chois ann an Àth Tharacaill, agus a bhith a' roghainn lìonra fòna.

Thuirt e gun robh lìonra Orange EE air an siostam a b' earbsaiche a thabhainn san sgìre.

Bha dùil gun deadh an lìonra a chàradh ron 14mh den mhìos, ach chaidh an ceann-là sin a chur air ais chun an 23mh.

"Cha ghabh daoine ri dà sheachdain às aonais an lìonra," thuirt Mgr Mac a' Phearsain.

"Thugadh seachad adhbharan eagsamhail airson na trioblaid, a thuilleadh air clàran-ama nach eil a' tighinn a rèir a chèile airson na h-obrach-càraidh."

Thuirt e gun robh an suidheachadh na adhbhar iomagain do luchd-chùraim agus dhaibhsan a bha feumach air cùram, ag ràdh cuideachd: "Chan eil fòn-talmhainn BT aig a h-uile duine an seo, 's iad gun ach fòn-làimhe."

Thuirt labhraiche do EE: "Tha fios againn gu bheil cuid de luchd-cleachdaidh air fios a chur thugainn gu bheil trioblaid leis an tarraing ann an sgìre Àth Tharacaill, agus tha sinn a' rannschadh seo le prìomhachas.

"Gabhadh iad ar leisgeul airson duilgheadas sam bith a th' air èirigh fhad 's a tha sinn ag obair gus seo a chur ceart cho luath 's a ghabhas."