Flù a' dùnadh uard aig Ospadal an Rathaig Mhòir
- Air fhoillseachadh

Chaidh uard aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis a dhùnadh do dh'euslaintich ùra, as deidh dhan flù sgapadh ann.
Tha seachdnar ann an Uard 7C air a bheil a ghalair - 's tha ceanardan an ospadail ag iarraidh air daoine gun tighinn dhan uard sin an dràsta.
Chaidh an ospadal a chur aig Ìre Èiginn Dearg dimàirt.
Tha NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine a tha a' taghail air euslantaich eile, gun tighinn dhan ospadail ma tha iad a' faireachdain tìnn ann an doigh sam bith.
Obair lannsa
Leis a Uard dùinte do dh'euslaintich ùra, tha e air buaidh a thoirt air seirbhisean eile san ospadal.
B'fheudar stad a chuir air obair lannsa nach robh riatanach - chaidh coig deug obair lannsa a chur dheth an dè agus deich a bha clàraichte airson an-diugh.
Thathas a feuchainn ris an obair lannsa nach deach a dhèanamh a chur air dòigh son am eile, agus thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach obair-lannsa làitheil air adhart mar bu chòir an diugh.