Làrach airson taigh-spadaidh Phort Rìgh

Tha an fheadhainn a th' air cùlaibh phlanaichean gus taigh-spadaidh a thogail airson sgìre an Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse air làrach ann am Port Rìgh a chomharrachach.

Chaidh coinneamh a chumail oidhche Chiadain le buidheann-stiùiridh a thagh an làrach.

Thagh iad làrach air raon-gnìomhachais HIE, far a bheil rathad a-steach agus seirbheisean rim faighinn.

Cha deach an t-airgead a tha a dhìth airson a' phròiseict a thogail fhathst.

Bidh coinneamh phoblach anns as t-Earrach airson tòiseachadh air sin a dhèanamh.

Tha dùil gun cosg e mu £600,000 taigh-spadaidh beag a stèidheachadh.

Chan eil taigh-spadaidh air a bhith air an eilean airson còrr 's fichead bliadhna, leis an fheadhainn as fhaisge ann an Inbhir Pheotharainn agus Loch nam Madadh.