Dàil air Bun-sgoil Uibhist a Tuath

Làrach-togail
Image caption Bha na tairgsean a fhuaireadh airson na h-obrach gu math na b' àirde na bha dùil aig a' Chomhairle.

Tha dùil nach bi bun-sgoil ùr Uibhist a Tuath deiseil a-nis gu as t-Samhradh 2016.

Bha dùil gum biodh an sgoil ùr, a thèid an àite sgoiltean Loch nam Madadh, Chàirinis agus seann sgoil Phaibeil, a' fosgladh am-bliadhna.

Ri linn dàil ge-tà, cha tachair sin gu 2016, agus chan eil dùil gum bi na pàircean mu chuairt na sgoile deiseil gu toiseach 2017.

"Bha beàrn againn a thaobh ionmhais, agus bha fhios againn air sin bho chionn sia mìosan," thuirt an Comh. Uisdean Robasdan.

"Bha na tairgsean a thàinig a-staigh cus na b' àirde na bha dùil, air sgàth 's gur e aon sgoil a bh' ann leis fhèin, mar a bha na sgoiltean eile.

"Bha grunn dhiubh còmhla agus fhuaireadh prìs nas gèire airson nan sgoiltean sin.

"Tha sinn an dùil gum bi a h-uile dad air dòigh a thaobh a' chùmhant fhèin air 9mh an Gearran.

"Bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh iad a' tòiseachadh air an làraich toiseach a' Mhàirt.

"Bhiodh sinn an uair sin a' coimhead an sgoil ùr a bhith deiseil mun Chèitean no an t-Ògmhios 2016.

"Bhiodh obair leagail air pìosan a th' air fhàgail den t-seann sgoil a' tòiseachadh às dèidh sin.

"Agus bhiodh sinn an dòchas gum biodh a h-uile dad deiseil san Dùbhlachd 2016.

"Sin agad an clàr-ama a th' ann an-dràsta 's tha mi an dòchas gun gabh cumail ri sin," thuirt e.