Figearan chamarathan an A9 gam foillseachadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Lùghdachadh mòr air na chaidh a ghlacadh a' dol ro luath air an A9

Tha na ciad fhigearan a chaidh fhoillseachadh bho chaidh camarathan astair mheadhanaich a chur an sàs an an A9 a' sealltainn gu bheil na tha de dhràibhearan a bhios a' dràibheadh ro luath air an rathad air tuiteam a h-ochd uimhir.

Chaidh dràibhear anns gach fichead a glacadh a' dràibheadh nas luaithe na an casg-astair, an taca ri mu aonar anns gach triùir aig an aon àm an-uiridh.

Sheall na figearan bho Chòmhdhail Alba cuideachd gun do thuit na bha de dhràibhearan a' dràibheadh còrr is 10 m.s.u. nas luaithe na an casg-astair 97%.

Mhair tursan dhràibhearan na b' fhaide na b' àbhaist, mar a bha dùil.

Chaidh na camarathan connspaideach a tha suidhichte eadar Inbhir Nis agus Dùn Bhlathainn, a chur gu dol san Dàmhair an-uiridh agus, ged a bha cuid an dùil nach dèanadh iad atharrachadh sam bith, thathas a' tuigsinn gu bheil an àireamh de thubaistean air tuiteam.

Image caption Chan eil an rathad air a bhith dùinte ri linn tubaistean cho tric 's a b' àbhaist bho chaidh na camarathan a chur an sàs.

Tha feadhainn a tha an aghaidh nan camarathan astair air a bhith ag argamaid bhon fhìor thoiseach nach e an t-astar a tha daoine a' dràibheadh air an A9 am prìomh adhbhar airson tubaistean, ach carbadan slaodach agus dràibhearan air an cùlaibh a' feuchainn seachad orra aig amannan cunnartach.

Chan eil eòlaichean bhon Riaghaltais agus bho na poilis ag aontachadh ge-tà.

Tha na camarathan a' coimhead a-mach airson chàraichean a tha a' dol seachad air a' chasg-astair de 60 m.s.u. air earrainnean neo-dhùbailte den rathad.

Tha sgeama eile a' dol cuideachd, a' leigeil le làraidhean siubhail aig50 m.s.u. an aite 40 m.s.u. mar a chleachd.

Anns na trì mìosan a dh'fhalbh, chan eil bàs air a bhith air an A9 far a bheil na camarathan an sàs, agus tha an àireamh de thubaistean sìos cuideachd.

Chan eil an rathad air a bhith air a dhùnadh cho tric ri linn tubaistean nas motha.