Rabhaidhean bho uachdarain

Fearann
Image caption Gheall an Riaghaltas leasachaidhean radaigeach a thoirt air siostam seilbh fearainn na h-Alba.

Thug uachdarain na h-Alba rabhadh seachad gu bheil iomagain orra mu phlanaichean an Riaghaltais a thaobh Ath-leasachadh an Fhearainn.

Thuirt Fearain agus Oighreachdan na h-Alba gu bheil dragh mòr orra mu mholaidhean a bheireadh cead do mhinistearan a dhol an sàs ann an cùisean far a bheileas a' faicinn gu bheil uachdaran a' cur bacadh air leasachadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn atharrachaidhean radaigeach a chur an sàs le Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn.

Tha mòran de na geallaidhean sin ge-tà, a' cur iomagain agus fearg air uachdarain air na dùthcha, a tha a-nis air am freagairt oifigeil a thoirt mar phàirt den cho-chomhairleachadh air na planaichean.

Nam measg, tha moladh gum bi cead aig ministearan riaghaltais a dhol an-sàs ann an cùis far a bheil na th' aig an t-uachdaran de dh'fhearann, no mar a tha iad gan giùlain fhèin a' cur bacadh air leasachadh maireannach.

Thug Fearann 's Oighreachdan na h-Alba rabhadh ge-tà, gum faodadh gluasadan laghail an aghaidh uachdaran a dhol an aghaidh an còirichean daonna.

Tha iad cuideachd a' cur an aghaidh phlanaichean cìsean gnìomhachais a chur air oighreachdan spòrs agus seilg.

Bheireadh seo àrdachadh a thrì uimhir air Stòras Fearainn na h-Alba, maoin a tha a' cur taic-airgid do dh'oidhirpean sa choimhearsnachd sealbh a ghabhail air an fhearrann.