Milleadh air craobhan Steòrnabhaigh

Craobhan gan leagail
Image caption Thathar a' tomhais gun deach còrr is 200 craobh a leagail neo a mhilleadh anns an droch shìde.

Tha Urras Oighreachd Steòrnabhaigh a' sireadh airgid a chuidicheas iad le bhith a' dèiligeadh ris a' chall a rinn na stoirmean mòra a bh' ann bho chionn ghoirid air craobhan anns a' Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh.

Thathas a' tomhais gun deach còrr is 200 craobh a leagail neo a mhilleadh leis a' ghaoith.

Tha còrr is 150 bliadhna ann bho chaidh cuid de na craobhan sin a chur.

Sàbhailteachd

Tha an t-Urras ag ràdh ge-tà, nach eil staid nan craobhan a' cur dhaoine a tha a' coiseachd anns a' Ghearraidh Chruaidh ann an cunnart.

Thuirt Siamarlan an Urrais, Iain MacÌomhair, gun do rinn iad an dìcheall, nuair a thachair na stoirmean, craobhan a dh'fhaodadh a bhith cunnartach a ghluasad air falbh.

Chaidh dèiligeadh cuideachd ri craobhan a bha a' cur bacadh air slighean tron choille.

"Bhiodh sin an dòchas gu bheil e cho sàbhailte 's a bhiodh e aig àm sam bith ... Nuair a tha thu a' dèiligeadh ri craobhan - agus gu h-àraidh craobhan aosta - chan eil càil a dh'fhios dè an là a tha rud dol a thighinn sìos air do mhuin agus aon de na rudan a bhios sinn a' feuchainn ri dhèanamh, ar sùil a chumail air suidheachaidhean den t-seòrsa sin agus dèanamh cinnteach gu bheil an t-àite cho sàbhailte 's as urrainn dha a bhith", thuirt e.

Airgead a dhìth

Tha an t-Urras a' rannsachadh an gabh airgead fhaighinn bho sgeamaichean sònraichte airson dèiligeadh ris a' chall a chaidh a dhèanamh.

Chan eil fhios, aig an ìre seo, dè na chosgas an obair-càraidh.

Thuit craobhan cuideachd tarsainn air na h-aibhnichean agus thuirt Mgr MacÌomhair gum feumar dèanamh cinnteach nach tèid milleadh a dhèanamh air ballachan nan aibhnichean fhad 's a thathas a' toirt nan craobhan air falbh.