Tubaist-rathaid san Eilean Sgitheanach

Tha fianaisichean gan sireadh às dèidh mar a chaidh boireannach a leagail le càr ann am Port Rìgh Diluain.

Thachair an tubaist aig 1435, faisg air Rathad an Sruthain.

Chaidh am boireannach a chaidh a leagail, a tha 62, a thoirt dhan ospadal.

Chan eil fhios dè cho dona 's a chaidh a goirteachadh.

Dh'iarradh na poilis air duine sam bith a chunnaic an tubaist, fònadh thuca air an àireamh-fòn 101, neo a dhol a-steach dhan ionad-poilis as fhaisg orra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile