"Iomairt a dhìth" mu sheirbheisean adhair
- Air fhoillseachadh

Feumar iomairt a dhèanamh às ùr airson dà sheirbheis adhair san là a bhith eadar Steòrnabhagh 's Obar Dheathain, a rèir Alasdair Mhoireasdan a tha a' seasamh mar thagraiche Làbarach nan Eilean Siar san taghadh am bliadhna.
Chaidh an t-seirbheis a stèidheachadh ann an 2006, ach tha Mgr Moireasdan ag ràdh nach eil clàr-ama na seirbheis a' freagairt air luchd-obrach na h-ola - an fheadhainn as motha a tha a' cur feum oirre.
Thuirt Mgr Moireasdan gun do bhruidhinn e ri stiùiriche coimearsalta Eastern Airways, agus gu bheil a' chompanaidh deònach obrachadh còmhla ri Riaghaltas Westminster agus buidhnean ionadail gus coimhead ri mar a ghabhas an t-seirbheis a bhith air a leudachadh.
Bhruidhinn e cuideachd, thuirt e, ri oifis Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Dànaidh Alexander, 's maoin ann airson ceanglaichean a dhèanamh eadar puirt-adhair mhòra agus feadhainn bheaga.
An-dràsta, bithear a' fàgail Obar Dheathain aig 12:45f agus a' ruighinn Steòrnabhaigh aig 1:40f, le seirbheis a' tilleadh à Steornabhagh aig 2:10f agus a' ruighinn Obar Dheathain aig 3:05f.
Thuirt Mgr Moireasdan gu bheil an t-seirbheis ag obrachadh "gu ìre" ach gum faodadh i a bhith na b' fheàrr.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An t-Sultain 2013
- Air fhoillseachadh23 An t-Samhain 2012