"Bu chòir ionadan-seirbheis a ghlèidheadh"

  • Air fhoillseachadh
Ionad Seirbheis Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh,
Tha a' Chomhairle a' moladh a' mhòr-chuid de na h-ionadan-seirbheis aca a dhùnadh.

Chaidh iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd beachdachadh às ùr air planaichean gus sreath de dh'ionadan-seirbheis san sgìre a dhùnadh.

Bha fearg ann an uair a dh'innis an t-Ùghdarras an-uiridh gun robh iad am beachd a' mhòr-chuid de na h-ionadan a dhùnadh.

Thug a' Chomhairle sùil às ùr air a' ghnothach ach ann an conaltradh poblach ùr tha iad fhathast a' moladh 22 de na h-ionadan a dhùnadh is na seirbheisean a thoirt seachad ann an leabharlannan is an leithid.

Thuirt am ball Nàiseantach dhan Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach, Dàibhidh MacThòmais, gu bheil e a' tuigsinn gur ann airson airgead a shàbhaladh a tha a' Comhairle na Gàidhealtachd.

Thuirt e ge-tà nach ann mar sin a dh'obraicheadh an gnothach air a' cheann thall leis gu bheil na h-ionadan a' cumail cosnadh ri tòrr agus a' cur ri eaconomaidh sgìrean iomallach.

Dh'iarr e gun tèid na h-ionadan air fad a ghlèidheadh is thuirt e gum bu chòir dhan t-sluagh am beachd a chur dhan Chomhairle fhad 's bhios cothrom aca.

Thìg an conaltradh poblach gu ceann sa Mhàirt.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh