Prìs a' chonnaidh ga togail aig Westminster
- Published
Dh'iarr Ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tuilleadh airgid a thoirt far prìs a' chonnaidh ann an sgìrean eileanach agus dùthchail.
An-dràsta gheibhear 5sg far prìs gach liotair anns na h-Eileanan agus tha planaichean ann airson an sgeama sin a leudachadh gu cuid de sgìrean dùthchail air Tìr-Mòr.
Thòisich an sgeama ann an sgìrean eileanach ann an 2011,
"Airgead anns a' phoit"
Tha Mgr MacNèill ag ràdh, leis nach deach an t-airgead a chaidh a chur mu seach airson an sgeama a chosg air fad, gun gabhadh 7sg no 8sg a thoirt far gach liotair.
Thuirt e, ged a tha prìs a' chonnaidh air tuiteam air sgàth lùghdachaidh ann am prìs na h-ola, nach eil co-ionnanachd ann fhathast eadar na h-Eileanan agus bailtean air Tìr-Mòr.
Chan eil gealltanas ann nas motha, thuirt e, nach èirich prìs na h-ola a-rithist agus gun adbhraicheadh sin àrdachadh ann am prìsean connaidh air feadh na rìoghachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 19 Am Màrt 2014
- Published
- 27 An t-Samhain 2014