Ministear ùr airson Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh

Thèid an t-Oll. Urr. Wayne Pearce a phòsadh ri cothional Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh aig seirbheis an ath-mhìos.

Tha e an-dràsta na mhinistear aig an APC dhan Eilean Sgitheanach agus na Hearadh.

Tha Àrd-eaglais Steòrnabhaigh air a bhith as aonais mhinisteir bho leig an t-Urr. Uilleam MacIlleDhuibh dheth a dhreuchd ann an 2011.

Dh'fhàg cuibhreann mòr dhen choithional bhon uair sin, 's iad mì-thoilichte le seasamh na h-Eaglaise air ministearan gèidh.

Thèid Mgr Pearce a phòsadh ris a' choithional aig seirbheis a thèid a chumail Dihaoine, an 6mh là den Ghearran aig 7:00f.