Crannchur mu cheann-là an Loch Seaforth

An MV Loch Seaforth
Image caption Bha dùil gun tòisicheadh an MV Loch Seaforth air slighe Steòrnabhaigh an-uiridh.

Tha fear-gnothaich à Steòrnabhaigh air crannchur a chur air dòigh 's e airson 's gun dèan daoine tomhais air cuin a thòisicheas am bàt'-àiseig ùr, an MV Loch Seaforth.

Bha dùil gun tòisicheadh am bàta ùr an-uiridh, ach tha dàil air tighinn oirre air diofar adhbharan.

Thug obair aig caladh Steòrnabhaigh na b' fhaide na bha dùil, ged a tha dùil a-nis gum bi an cidhe deiseil airson an t-soithich ùir an t-seachdain seo tighinn.

Bheir e grunn mhìosan eile ge-tà, mus seòl i eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Crannchur

Tha Alasdair MacIllinnein, aig a bheil taigh-aoigheachd faisg air a' chidhe, ag iarraidh air daoine tomhais cuin a sheòlas i airson a' chiad uair.

Togaidh an iomairt aige airgead airson Misean nan Iasgairean ann an Steòrnabhagh.

"Chan eil fios 'am an e fealla-dhà a th' ann ... anns na seachdainnean a chaidh seachad, tha tòrr "negativity" air a bhith ann agus chunnaic mi e mar dhòigh rud beag "positive" a thoirt a-mach à naidheachdan dorcha", thuirt e.

Sgrìobh e gu Cal Mac ag iarraidh orra fios a chur thuigesan cho luath 's a tha ceann-là air a stèidheachadh airson an t-soithich ùir, agus chan eil cus iomagain air gum faigh duine fiosrachadh bho thaobh a-staigh na companaidh a leigeas leotha an là ceart a thaghadh.

"Ma chì mise feadhainn a' tighinn a-steach leis an aon là, tha sin ag innse gu bheil fios aig cuideigin air rudeigin agus gu bheil a thìde ann a dhùnadh", thuirt e.