Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconomaidh

Thàinig fàs de 2.6% air eaconomaidh Bhreatainn an-uiridh, a-rèir àireamhan ùra. Sin am fàs as fheàrr bho 2007. Tha na figearan a' sealltainn gun robh am fàs na bu shlaodaiche aig deireadh na bliadhna.

Deasbadan

Thuirt am Prìomhaire Dàibhidh Camshron gu bheil e airson pàirt a ghabhail ann an deasbadan telebhisein ron an taghadh. Bha e ag ràdh gun gabh aonta a bhith air a ruighinn, ach nach eil e ceart pàrtaidhean Èirinn a Tuath a chumail a-mach à deasbadan ma tha an SNP agus Plaid Cymru gu bhith a' gabhail pàirt annta.

Rabhadh

Fhuair deugaire à Sunderland rabhadh bho na poilis airson rudan a sgrìobh e air Twitter co-cheangailte ri tubaist làraidh an sgudail an Glaschu. Chaidh Ross Loraine, 19, a chur an grèim às dèidh mar a bha grunnan dhaoine a' gearain mu dheidhinn. Bhàsaich sianar anns an tubaist a thachair air an dàrna latha fichead dhen Dùbhlachd.

Seirbheisean adhair

Tha an tagraiche Làbarach airson an taghaidh choitcheann sna h-Eileanan Siar, Alasdair Moireasdan ag ràdh gum bu chòir iomairt às ùr a bhi ann airson seirbhis adhair a bharrachd eadar Steòrnabhagh 's Obar Dheathain. Chaidh an t-seirbheis a stèidheachadh ann an 2006, ach chan eil an clàr-ama a' freagairt air luchd-obrach na h-ola - an fheadhainn as motha a tha a' cur feum oirre.

Cumhachdan ùra

Thuirt ceannard nan Lib Deamach an Alba, Willie Rennie, gum bu chòir sgioba a chur air dòigh airson dèanamh cinnteach gum bi Pàrlamaid na h-Alba deiseil airson nan cumhachdan ùra a gheibh i bho Choimisean Mhic a' Ghobhainn. Bha e ag ràdh gu bheil seo a dhìth airson dèanamh cinnteach gun tèid an siostam ùr a chur an sàs gu sgiobalta.

Drugaichean

Nochdaidh triùir fireannach agus dithis bhoireannach ann an Cùirt an t-Siorraim an Glaschu an-diugh às dèidh mar a chaidh drugaichean luach còrr air dà cheud mìle not a lorg anns a' bhaile. Rinn na poilis na rèidean ann an sgìre Germiston.