Maoineachadh do thrì pròiseactan Eileanach

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Faisg air £10m do choimhearsnachdan air na costaichean

Tha dùil gum fosgail ionad ùr coimhearsnachd ann an Slèite san Eilean Sgitheanach taobh a-staigh dà bhliadhna.

Tha a' bhuidheann a th' air a chùlaibh, Iomairt Chamas Chrois agus Dhùisdeil, a-niste air an taic-airgid a bha fhathast a dhìth orra fhaighinn, an dèidh dhaibh beagan is £700,000 fhaighinn bho Stòras Coimhearsnachd nan Costaichean.

Am measg na bhios an lùib an ionaid ùir, tha talla cruinneachaidh, agus bùth ùr ionadail a bhios a' reic bìdh às an sgìre fhèin.

Fhuair Coimhearsnachd Bharraigh agus Bhatarsaigh cuideachd maoineachadh luach cha-mhòr £700,000 bhon stòras, agus iad an dùil pontùin ùra a chur ann an cala Bhàgh a' Chaisteil gus goireasan nas fheàrr a thoirt do iachtaichean a bhios a' tadhail.

Fhuair Companaidh Leasachaidh Loch Baghasdail Eta cuideachd maoineachadh còrr is £220,000 bhon stòras, leis a bheil iad ag amas air leasachadh a thoirt air an dàrna taobh den bhàgh.

Bithear ag amas air daoine a thoirt a-steach chun a' bhaile airson gnìomhachas a bhrosnachadh, agus cuideachd gheibh a' choimhearsnachd sealbh air an t-seann chidhe.

Tha sin mar leudachadh air leasachaidhean a tha gan dèanamh air cala Loch Baghasdail o chionn ùine, a tha ag amas air togail a thoirt do dh'eaconamaidh na sgìre.