Crann-sgaoilidh air a chàradh

  • Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh fòn-làimhe EE ag ràdh gun deach aca air crann-sgaoilidh ann am Muideart a chàradh.

Bha an crann, ann an Ath Tharracail, briste bho chionn còrr is dà sheachdain, an dèidh stoirme na bu thràithe den mhìos.

Dh'fhàg sin nach robh tarraing idir aig fònaichean-làimhe gu leòr de dhaoine san sgìre.

Am measg na bh' air seirbheis a chall bha sgioba nam First Responders ùr san sgìre.

Nochd comhairle coimhearsnachd na sgìre dragh gun robh an suidheachadh a' cur na seirbheis ann an cunnart.