An MV Loch Seaforth air fàire

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tòisichidh am bàt'-aiseag ùr, an Loch Seaforth, air slighe Steòrnabhaigh an ceann cola-deug tha Cal Mac ag ràdh.

Thuirt Àrd-oifigear Chal Mac, Màrtainn Dorchester, gu bheil e an dùil gun tòisich an t-aiseag ùr, an MV Loch Seaforth, air an t-slighe eadar Ulapul agus Steòrnabhagh an ceann cealla-deug.

Bha dùil gun tòisicheadh am bàta air an t-slighe an uiridh, ach tha dàil air tighinn oirre grunn thursan.

Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann mu sheirbheis Steòrnabhaigh bho thàinig e am barr gum feumar obair mhòr a dhèanamh air alt-aiseig Ulapuil as t-earrach.

Fàgaidh sin gum feum daoine a dh'iarradh carbadan a thoirt leotha an slighe a dhèanamh tron Eilean Sgitheanach.

Gheall Cal Mac oidhirp shònraichte a dhèanamh gus nach fhulaing luchd-siubhail no gnìomhachas call sam bith fhad 's a tha an obair sin a' dol air adhart.

Dhearbh iad cuideachd gun tèid an MV Isle of Lewis a chumail ann an Steòrnabhagh as t-samhradh, gus carbadan agus luchd-siubhail nach gabh an t-aiseag ùr a ghiùlain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile