Rabhadh Orainds bho Oifis na Sìde
- Air fhoillseachadh

Tha Oifis na Sìde air rabhadh orainds a sgaoileadh 's dùil ri sneachd ann an Alba, ceann a tuath Shasainn agus ann an Èirinn a Tuath Diciadain agus Diardaoin.
Tha na rabhaidhean an sàs eadar 1700 Diciadain agus 1100 Diardaoin.
Tha dùil gur ann an iar-thuath na Gàidhealtachd a thòisicheas na frasan Diciadain mus sgap iad gu meadhan agus ceann a deas na dùthcha mar a thèid an là air adhart.
'S ann oidhche Dhiciadain a tha dùil ri na frasan as truime agus tha rabhadh ann gum faodadh sin buaidh a thoirt air daoine a tha a' dol a-steach a dh'obair an ath-mhadainn.
Bha port-adhair Inbhir Nis dùinte son truis madain diciadain, agus thug gaoth làidir buaidh air seirbheisean aiseag air feadh a' chosta an iar.
'S dòcha gun toir an sneachd droch bhuaidh air rathaidean aig na h-amanan is trainge feasgar diciadain agus madain diardaoin.