Àireamhan seallaidh nam puthag suas, ach cearban sìos

orca whale Image copyright Hebridean Whale & Dolphin Trust
Image caption Muc mhara orca le gearradh air earball.

Chaidh àireamhean phuthagan a chaidh fhaicinn timcheall chàlaichean nan Eilean Siar suas cairteal ann an 2014 an comas ris a' bhon-uiridh, a-rèir Urras Mhucan Mara is Leumadairean Innse Gall.

Ach cha deach na h-uiread chearban fhaicinn ge-tà - sìos 33% bho 2013.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh eadar an Ceitean agus an Damhair an-uiridh, agus tha seo mar phàirt do sgrùdadh a tha a' bhuidheann a' dèanamh thairis air bliadhnaichean, air mucan mara, leumadairean, puthagan - no cetaceans mar a th'aca orra agus bidh iad cuideachd a' coimhead air data a thaobh chearban.

Aimsir a' toirt buaidh air seallaidhean

Chunnacas 574 diofar bhuidhnean do phuthagan timcheall chalaichean is acarsaidean sna h-Eileanan Siar ann a 2014 - suas 25% agus tha iad a' smaointinn gur ann leis gun robh an t-sìde math agus ciùin agus mar sin dheth bha e comasach do dhaoine na puthagan fhaicinn nas fheàrr.

Thuit na h-àireamhean de chearbain a chaidh fhaicinn - sìos 33% gu dìreach 16, 's tha seo air fhaicinn mar rud a tha tachairt thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad.

Orca

Chan eil iad buileach a' smaointinn gu bheil seo a' ciallachadh gu bheil lùghdachadh anns na h-àireamhean, ach 's dòcha gu bheil iad air gluasad air falbh bhon oir-thìr son planctan - am biadh is fheàrr leotha.

Dh'fhaodadh iad cuideachd, a bhith faisg air na cladaichean ach nach eil iad a' tighinn gu uachdar na mara.

Fhuair a' bhuidheann charthannais fianais cuideachd gun tug cearban ionnsaidh air buidhnean de mhucan mara orca a tha gu math tearc.

Image copyright Hebridean Whale & Dolphin Trust
Image caption Thàinig muc mhara mhionc gu math faisg air a' bhàta sgrùdaidh 'Silurian' agus coltas gun robh pìos plastaig air a' cheann.

Tha còig orca firean agus ceithir orca boirean 'sa bhuidhinn, agus bha coltas air fear dhiubh - John Coe - an far-ainm a thug iad dha - gun robh pìos dhe earball air a ghearradh 's tha iad dhen bheachd gur e cearban a bha an sàs.

Chunnaic a' bhuidheann sgrùdaidh grunn mhucan mara mionc faisg air a' bhàta aca an 'Silurian' - rud annasach a chionn mar is trice tha na mionc gu math diùid.

Plastaig

Bha fear dhuibh le pìos plastaig timcheall a chìnn 's cha b'urrainn dhan chriutha sian a dhèanamh mu dheidhinn, ach a chur an cuimhne dhaoine mu na trioblaidean a th'aig beathaichean na mara le sgudal mhic an duine.

Sheòl an 'Silurian' 4,500 mìle ann a 2014 a' toirt a-steach Hiort, Cinn Tìre agus Am Parbh agus chlàr iad 600 uair a thìde do dh'fhuaimean nan creataran mara.

A-rèir na buidhne, tha an obair rannsachaidh aca a' sealltain ciamar a tha na beathaichean a' tighinn beò còmhla, na h-àireamhean aca agus modhan sòisealta aca, agus tha seo a' toirt cothrom molaidhean a chur air adhart son dìon a chur air na creutairean luachmhor.

'S e àite fior chudthromacha tha ann an costa siar na h-Alba le 24 a-mach a 83 air an t-saoghal de na beathaichean Cetacean ri fhaighinn anns na h-uisgeachan seo.

'Se luchd-obrach saor-thoileach a tha an sàs ann a bhith a' trusadh an fhiosrachaidh agus gheibhear tuilleadh fios mu na tha fainear dhan bhuidhinn .