Mì-thoileachas anns na Hearadh
- Air fhoillseachadh
Tha mì-thoileachas ann an ceann a tuath na Hearadh mun t-seirbheis slàinte a gheibhear a-nis taobh a-muigh uairean-obrach àbhaisteach.
Bha NHS nan Eilean Siar a' sireadh bheachdan mu sgeama dearbhaidh, fom bi nursaichean coimhearsnachd, seach dotairean, a' frithealadh air euslaintich taobh a-muigh uairean-obrach àbhaisteach.
Tha dotair - bho Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh - ri fhaighinn ann an suidheachaidhean fìor èiginneach.
Tha dragh air muinntir na Hearadh ge-tà mun ùine a bheir e cobhair fhaighinn ma tha cuideigin gu math tinn.
Uallaichean
Thuirt Cathraiche Chomhairle Choimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh, Iain MacLeòid, gur e cho fad 's a bha euslaintich a' feitheamh mus deadh sealltainn riutha as motha a bha a' dèanamh dragh do dhaoine.
"Cha robh daoine a' faireachdainn gun robh an rud sàbhailte gu leòr dhuinn - sin an t-uallach a bh' air daoine", thuirt e.
Bha daoine riaraichte, thuirt e, leis a' chùram a bha iad a' faighinn nuair a thigeadh a' bhanaltram.
Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gur e seo an dearbh sheirbheis 's a gheibh daoine ann an Leòdhas, ach thuirt Mgr MacLeòid gur e an t-astar eadar na Hearadh agus Steòrnabhagh a tha a' dèanamh na cùis nas duilghe dhaibh-san.
"Ma th' aig daoine ri dhol suas a dh'Ospadal Steòrnabhaigh tron oidhche nuair a tha droch shìde ann, chan eil e càilear 's gu h-àraidh ma tha cuideigin tinn aca", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2014