Guth nan Gàidheal
- Air fhoillseachadh

Tha stèisean rèidio ùr air tòiseachadh air prògraman Gàidhlig a chraoladh - à Baltimore anns na Stàitean Aonaichte.
'S e An Comunn Gàidhealach Ameireaganach a th' air cùl na stèisein, ann an co-bhann leis a' chompanaidh Hard-to-Port Radio ann am Baltimore.
Bidh an stèisean a' craoladh fad dà uair a thìde gach oidhche Mhàirt.
Taghadh farsaing
Mar a dh'innis Mìcheal MacAoidh a tha an sàs anns a' phròiseact, tha roinn gu math farsaing de phrògraman gu bhith aca.
"Bidh prògram air a bheil "Ar Guthan" le ceòl agus òrain .. tha prògram naidheachd againn cuideachd a tha coimhead air naidheachdan agus sgeulachdan - chan e sgeulachdan ach tachartasan a tha a' dol air feadh an t-saoghail an là an-diugh a tha co-cheangailte ris a' Ghàidhlig", thuirt e.
'S ann ag amas air Gàidheil Ameireaga a tha iad anns a' chiad dol a-mach, ach tha iad cuideachd an dòchas luchd-èisteachd a thaladh bho air feadh an t-saoghail.
"'S e am prìomh amas a th' againn na daoine ann an Ameireaga a Tuath a ruigsinn leis na prògraman againn ach tha sinn an dòchas gun èist daoine ann an Alba agus daoine air feadh an t-saoghail far a bheil a' Ghàidhlig agus far a bheil ùidh ann an Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal - 's e sin an adbhar a chuir sinn na prògraman air an eadhair aig 7f gach Dimàirt ach tha sinn an dòchas gum bi rudeigin againn far am bi daoine a' dol ann a-rithist airson na prògraman sin fhaighinn air an eadar-lìon dìreach bhon làrach-lìn againn fhìn".
Thathas a' gealltainn gum bi rudeigin ann airson daoine aig gach ìre - eadar feadhainn aig a bheil ùidh ann an cànan nan Gàidheal gu fileantaich.