BBC Naidheachdan

Fo-thaghadh aig Comhairle nan Eilean Siar

Published

Thèid comhairliche ùr a thaghadh airson sgìre an Taobh Siar agus Nis ann an Leòdhas air an 12mh là dhen Mhàirt.

Chaidh am fo-thaghadh a ghairm ri linn bàs a' chomhairliche Coinneach Moireach aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Feumaidh daoine a dh'iarradh na h-ainmean aca a chuir air adhart na bileagan-tagraidh aca a chuir a-steach gu Oifis an Taghaidh aig Comhairle nan Eilean Siar ro 1600 air Diluain, an 9mh là dhen Ghearran.