Obair togail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Taigh-staile ùr air an Tairbeart sa Cheitean

29 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha companaidh-staile na Hearadh air innse gu bheil iad an dòchas an taigh-staile tha iad a' togail air an Tairbeart fhosgladh sa Cheitean.

Bidh e fosgailte dhan choimhearsnachd agus do luchd-turais, agus tha e mar-thà air 10 cosnadh a chruthachadh.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gum bu chòir gun cum e cosnaidhean math ri daoine airson iomadach bliadhna.