Airgead-dìolaidh airson cion-dealain
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich a' chompanaidh chumhachd SSE gu bheil cothrom aig daoine a bha às aonais an dealain ri linn na droch stoirme na bu thràithe air a' mhìos iarratasan a chur a-steach airson airgead-dìolaidh fhaighinn.
Thuirt iad gum faodadh duine sam bith a bha às aonais chumahchd an dealain 'son còrr air 48 uair de tìde tagradh a dhèanamh.
Thuirt a' chompanaidh gun robh iad taingeil do luchd-ceannaich air sgàth na foighidinn, tuigse agus taic a nochd iad fhad 's a bha luchd-einnsinnìridh a' feuchainn ri cumhachd an dealain a thilleadh gu dachannan an dèidh mar a thug droch gheilltean buaidh air ceann a tuath na h-Alba air an naoidheamh là den Fhaoilleach.
Faodar iarrtasan a chur a-steach air-loidhne air làrach-lìn SSE, no fòn a chur gu àireamh fòn shònraichte 0800 0727253.
Thuirt iad gun deagh iarrtasan airson airgead-dìolaidh a dhaingneachadh an aghaidh nan clàran aca fhèin, agus a phàigheadh le seic taobh a-staigh sia seachdainnean an dèidh dhan chompanaidh iarrtas fhaighinn.