£2m airson Niseag
- Air fhoillseachadh

Bidh Niseag aig cridhe iomairt ùr luach £2m a tha ag amas air Loch Nis a shanasachd do luchd-turais bho thall-thairis.
Tha an iomairt, a tha fo stiùir VisitBritain, ag amas air margaidhean sònraichte thall-thairis.
Tha iad ag amas air 50,000 luchd-turais eadar-nàiseanta a bharrachd sa bhliadhna a thàladh chun na sgìre thairis air an ath-cheithir bliadhna.
Chuir BP na sgìre, Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, fàilte air an iomairt.
"Tha mi fìor-thoilichte £2m a chur ri iomairt ceithir bliadhna gus tè de na sgìrean as bòidhche anns an RA a shansachd," thuirt Mgr Alexander.
"'S e seud ann an crùn gnìomhachas turasachd na Gàidhealtachd a th' ann an Loch Nis, agus tha e air mòran obraichean maireannach a chruthachadh an Alba.
"'S e Loch Nis fear de na h-àiteachan as aithnichte san RA air feadh an t-saoghail, agus mar sin tha e ceart gun cuireamaid e aig cridhe ar n-iomairt thurasachd eadar-nàiseanta," thuirt e.
Thuirt stiùiriche na ro-innleachd aig VisitBritain, Patricia Yates: "'S e turasachd eadar-nàiseanta gnìomhachas cho cudromach 's a th' ann an Alba, a' cruthachadh obraichean agus fàs air feadh na dùthcha.
"Bidh Inbhir Nis mar thà a' tàladh mòran luchd-turais bho thall-thairis, agus cuiridh am maoineachadh a bharrachd a tha seo, a thuilleadh air ìomhaigheachd na h-Alba a chaidh a neartachadh o chionn ghoirid ri linn tachartasan spòrs mòra air feadh na dùthcha, ri fàs eaconamach fad bhliadhnaichean ri teachd," thuirt i.