51.85% de chloinn nan Eilean gun chomas sa Ghàidhlig

Seomar-teagaisg
Image caption Bha 49% eadar 16 - 24 gun chomas sam bith sa Ghàidhlig.

Cha robh comas sam bith anns a' Ghàidhlig aig còrr is dara leth de chloinn nan Eilean Siar, eadar 3 agus 15 bliadhna de dh'aois, a rèir a' chunntais shluaigh a rinnear ceithir bliadhna air ais.

Sgaoil Oifis Clàraidh na dùthcha am fiosrachadh Diardaoin, agus tha e a' sealltainn gur iad an fheadhainn as sine sna h-Eileanan Siar aig an robh comas agus tuigse as fheàrr sa chànan.

A rèir nam figearan a chaidh fhoillseachadh, bha 3,923 duine-cloinne eadar 5 agus 15 bliadhna de dh'aois anns na h-Eileanan Siar uile gu lèir ann an 2011.

Comas sa chànan

Thuirt 1,915 dhiubh sin gun robh comas tuigse, labhairt neo sgrìobhaidh sa Ghàidhlig aca gu ìre air choireigin.

Ach, dh'fhàg seo gun robh 2,008 aig nach robh comas sam bith sa Ghàidhlig.

Uile gu lèir dh'fhàg seo 51.85% aig nach robh Gàidhlig sam bith eadar 3 agus 15 bliadhna de dh'aois anns na h-Eileanan Siar.

Anns gach ginealach às dèidh seo 's ann a bha sgilean cànain sa Ghàidhlig a' fàs agus am measg dhaoine a bha 65 bliadhna de dh'aois agus nas sine, 's e 23% aig nach robh Gàidhlig sam bith anns na h-Eileanan.

Cha chuir na figearan 's dòcha iongnadh air mòran gur iad an fheadhainn as sine aig a bheil comasan nas motha sa Ghàidhlig - ach thathar an dùil gun cuir iad ri iarrtasan bhon choimhearsnachd airson an tuilleadh taic gus a' Ghàidhlig ath-bheothachadh am measg na h-òigridh.