Croitearan Shlèite a' diùltadh gabhail ri àrdachadh màil
- Air fhoillseachadh
Dhiùlt croitearan ann an Slèite, an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, gabhail ri àrdachadh sa mhàl a tha iad a' pàigheadh do dh'Urras Fearainn Chloinn Dòmhnaill.
Bha an t-Urras ag iarraidh àrdachadh suas ri 5,000% a chur air màl nan croitearan ann an cuid de shuidheachaidhean.
Bha iad ag argamaid gun robh àrdachadh susbainteach a dhìth leis gun robh am màl air a bhith aig an aon ìre bho chionn 40 bliadhna.
Mì-thoileachas
Chuir croitearan Shlèite an aghaidh an àrdachaidh 's iad ga mheas mì-chothromach.
Thuirt fear dhiubh sin, Teàrlach MacIlleBhrath, gun robh na suimean a bhathas ag iarraidh ro mhòr, ged a bha iad a' gabhail ris gum feumadh àrdachadh a bhith ann.
Aig coinneimh leis an Urras oidhche Ardaoin chuir na croitearan moladh ùr air adhart, a bha stèidhichte air sumachadh, seach air acraichean, gach croite.
Thuirt Mgr MacIlleBhrath gu bheil e an dùil gum bi a' mhòr-chuid de chroitearan na h-oighreachd riaraichte leis na chaidh aontachadh.
"A' mhòr-chuid, gabhaidh iad ris - bha fios againn uile gum feumamaid màl nas àirde a phàigheadh ach nuair a thàinig a' chiad suim a-staigh, chuir sin eagal air daoine".
Ghabh an t-Urras ris a' mholadh, agus gun gabhadh am màl ùr an cùl-cinn a-steach cuideachd.
'S ann aig deireadh na bliadhna seo a thig na h-ìrean màil ùra a-steach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 11 An Dùbhlachd 2014