Nursaichean gun trèanadh air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh cur as leth Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil cùmhnadh airgid ga chur air thoiseach air sàbhailteachd nan euslaintach agus atharrachaidhean air fàire ann an roinn nan nursaichean.
Chaidh innse dhan BhBC an Inbhir Nis gu bheil a' bhuidheann ag iarraidh air nursaichean aig nach eil trèanadh neo nursaichean "auxiliary" mar a chanar riutha, a bhith ag obair ann an uardan.
Fhuair am BBC am fiosrachadh bho chuideigin taobh a-staigh na seirbheis slàinte air a' Ghàidhealtachd.
Tha e ceangailte ri mar a tha iad a' fastadh nursaichean a tha ag obair bho àm gu àm airson na bearnan san t-seirbheis a lìonadh.
Tha iad ag iarradh uairean obrach nan nusraichean sin a ghearradh an treas cuid gu còig neo ochd uairean de thìde.
Tha an duine a chur am fiosrachadh a tha seo a dh'ionnsaigh a' BhBC ag ràdh gu bheil seo a' cur beatha an luchd-obrach agus nan euslainteach ann an cunnart.
Tha Colaiste Rìoghail nan Nursaichean cuideachd air dragh a thogail.
Thuirt iad gum feum NHS na Gàidhealtachd nursaichean profiseanta fhastadh airson na bearann a lìonadh.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach ceamannan a ghabhail na bu thràithe san Fhaoillich airson toirt iar an luchd-obrach as àirde dreuchd cnuasachadh nas mionaidiche a dheanamh air na bh' ann de nursaichean a dhìth 'son na beàrnan san t-seirbheis a lìonadh.