Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mortonhall

Tha dùil gun tèid airgead-dìolaidh suas ri £4,000 a thabhainn air teaghlaichean a dh'fhulaing ri linn an sgainneil le luaithre chloinne aig losgadair Mortonhall ann an Dùn Èideann. Feumaidh comhairlichean a' bhaile taic a chur ris na planaichean fhathast. Bhiodh airgead ri fhaotainn do 129 teaghlach a tha gan riochdachadh leis a' bhuidhinn-lagha Thompsons.

Pagastan

Tha e air aithris gun deach co-dhiù 20 duine a mharbhadh ann an spreadhadh aig mosg Shi'ia ann an sgìre Sindh ann am Pagastan. Thachair an spreadhadh goirid às dèidh ùrnaighean Dihaoine.

Eugene de Kock

Chaidh paròl a thabhainn air fear a bha uair na cheannard air buidhinn-bàis ann an Afraga a Deas aig àm Apartheid, Eugene de Kock. Bha e air aideachadh ri Coimisean na Fìrinne 's an Rèiteachaidh gun robh e air còrr air 100 duine a mhurt, agus feadhainn eile a chiùradh ma bha iad an aghaidh an riaghaltais Apartheid. Thuirt Sandra Mama, banntrach Glenack Mama, a chaidh a mhurt leis ann an 1992, gun robh e ceart a shaoradh air adhbharan rèiteachaidh. Cha tèid innse cuin no càite an tèid a shaoradh.

Taisbeanair

Tha na Poilis ag ràdh gu bheil fireannach gan cuideachadh le rannsachadh às dèidh do nighean, a tha ochd bliadhna de dh'aois a ràdh gun robh fear air e fhèin a thaisbeanadh rithe ann an Obar Dheathain. Sgaoil na Poilis dealbhan CCTV an-dè de dh'fhear ris an robh iad ag iarraidh bruidhinn mun chùis ann am Flourmill Lane anns a' bhaile madainn Diluain.

Màl Chroitean Shlèite

Tha croitearan Shlèite air aonta a ruighinn leis an uachdaran, Fearann Chloinn Dòmhnaill, air ìrean màil anns an sgìre. Bha mòran mì-thoilichte le molaidhean an uachdarain màl a chur suas gu mòr - 5,000% ann an cuid de shuidheachaidhean. Aig coinneimh an-raoir ge-tà, dhiùlt na croitearan gabhail ri sin, agus mhol iad siostam eile airson am màl obrachadh a-mach. Ghabh an t-uachdaran ris a' mholadh aca.

Taigh-cùirte Inbhir Pheofharain

Tha fear-lagha air a' Ghàidhealtachd a bha uair na fhear-casaid a' dèanamh dheth gur h-iongantach mura feum Taigh-cùirte Inbhir Pheofharain fosgladh a-rithist leis a' chuideam a thèid a chur air a' chùirt ann an Inbhir Nis ri linn a dùnaidh. Dùinidh a' chùirt ann an Inbhir Pheofharain gu h-oifigeil aig àm diathaid an-diugh. Tha 17 cùirtean-siorraidh, agus cùirtean maoir-sìthe, a' dùnadh. Thuirt am fear-lagha Dàibhidh Hingston ge-tà, nach eil e seasmhach a' chùirt a chumail dùinte.

Cùram Slàinte

Nì Riaghaltas na h-Alba ath-sgrùdadh air mar a tha daoine a' faighinn cùraim shlàinte nach eil èiginneach taobh a-muigh uairean àbhaisteach. Tha deich bliadhna bho sguir e a bhith na uallach air dotairean-teaghlaich an cùram sin a thoirt seachad. Tha muinntir Cheann a Tuath na Hearadh gu math mì-thoilichte le mar a tha an t-seirbheis ga cumail riuthasan an-dràsta. Tha dùil ri molaidhean bhon ath-sgrùdadh as t-Samhradh.