Drabastair ga dhiteadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh MacIllInnein a dhiteadh san Àrd-Chùirt ann an Glaschu.
Chaidh fear a dhiteadh aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu de bhalach a bha trì bliadhna de dh'aois èigneachadh, 's ionnsaioghean drabasta a thoirt air nighean nuair a bha i eadar 12 agus 15.
Chaidh Mark MacIllInnein a tha 30, fhaighinn cionntach cuideachd air casaid gun do tharraing 's gu do chum e dealbhan drabasta de chloinn - rud a dh'aidich e mu thràth sa chùirt.
Chaidh am balach òg èigneachadh aig sgoil-àraich ann an sgìre Loch Abar.
Thugadh ionnsaighean air an nighean grunn thursan ann an Sruighlea, Dùn Bhlathainn agus Dùn Phàrlainn.