Dùil gun do bhàsaich neach ann an teine
- Published
Tha dùil gun do bhàsaich boireannach aosta ann an teine aig taigh ann an Cataibh.
Chaidh smàladairean a ghairm gu taigh Inbhir nan Allt faisg air Innis nan Lìon aig 9:30f Disathairne.
Aig aon àm, bha 19 smàladairean agus ceithir carbadan aig an taigh.
Thuirt an t-seibheis smàlaidh gun robh aon neach a dhìth an dèidh dhaibh an teine a chur às.
Thathas a' tuigse gur i a' Bhean-uasal Jean Gilmour, a th' anns na 90an.
Chaidh fios a chur chun a teaghlaich.
Fhuair boireannach eile, aois 62, cùram aig an làraich an dèidh mar a chaidh a h-aodann agus a làmhan a losgadh.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air na dh'adhbharaich an teine.