Binn sia bliadhna do dh'Ìleach
- Air fhoillseachadh
Chaidh iasgair à Ìle a chur dhan prìosan airson sia bliadhna airson ionnsaigh a thoirt air duine a dh'fheuch ri stad a chur air argamaid eadar e fhèin is boireannach ann an taigh-seinnse.
Cuideachd, thèid sùil a chumail air Anndra MacIlleBhrath, 33, airson trì bliadhna às dèidh dha faighinn a-mach às a' phrìosan.
Leag MacIlleBhrath Keith Camshron, 41, gu talamh faisg air an Ardview Inn ann am Port Ìlein anns a' Mhàrt an-uiridh.
Bha e a' gabhail dha agus bhris e na h-asnaichean aige nuair a sheas e air a bhroilleach.
Chaidh Mgr Camshron a sgèith dhan Southern General airson cùram fhaighinn.
Thuirt dotair gun robh e fortannach a bhith beò.
A' toirt binn do MhacIlleBhrath, san Àrd-Chùirt ann an Glaschu, thuirt am britheamh, am Morair Bannatyne, gun robh an ionnsaigh "brùideil agus gealtach".