Coinneamhan mu thuath-gaoithe

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Coinneamhan an Leòdhas mu thuath-gaoithe

Innsidh companaidh a th' air cùl phlanaichean airson tuath-gaoithe mòr a thogail faisg air Steòrnabhagh mu na buannachdan a thigeadh às, aig sreath choinneamhan an t-seachdain seo agus an t-seachdain seo tighinn.

'S e Lewis Wind Power a th' air cùl nam planaichean, ann an co-bhann le Urras Steòrnabhaigh.

Ach tha a h-uile càil a th' ann a' crochadh air càball air grunnd a' Chuain Sgìth.

"Mura tig an càball, cha bhi am pròiseact seo ann," thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair.

"Ach 's dòcha nas cudromaiche na sin, cha bhi pròiseact idir ann.

"Tha suidheachadh an-dràsta san eilean, mar a tha daoine an dèidh a bhith a' cantainn bho chionn bhliadhnaichean a-nis, chan urrainn dhan chòrr obraichean mòra, no pròiseactan mòra, no fiù 's aon chrann mòr a dhèanamh le coimhearsnachd, no le duine bho às bi càite, le uachdaran no le duine eile, gum faigh sinn an càball," thuirt e.