Ceasnachadh aig NHS na Gàidhealtachd

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Bidh Comataidh nan Cunntasan Poblach a' tadhail ann an Inbhir Nis Diluain.

Thèid cruaidh-cheasnachadh a dhèanamh air Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd mu chunntasan ionmhais agus an fheadhainn as àirde dreuchd sa bhuidhinn.

Diluain tha Buill-Phàrlamaid bho Chomataidh nan Cunntasan Poblach gu bhith ann an Inbhir Nis airson fiosrachadh fhaotainn mu mar a thàinig orra iasad fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2013/14.

Sheall sgrùdadh bho Buidhinn-Sgrùdaidh na h-Alba gun robh laigsean bunaiteach ann an leabhraichean ionmhais agus dòighean obrach Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd.

Ann an 2013/14 thàinig orra iasad de £2.5m fhaotainn bho Riaghaltas na h-Alba airson na cunntasan ionmhais a chothromachadh.

Thuirt am BP Làbarach Uisdean Henry gun robh an fheadahinn as àirde dreuchd a' cumail fiosrachaidh bho bhuill a' Bhùird mu cho dha-riribh dona 's a bha cùisean.

Chaidh Cathraiche a' Bhùird, Gary Coutts, às àicheadh sin ge-tà.

Thèid Mgr Coutts a chruaidh-cheasnachadh mu choinneimh na Comataidh ann an Inbhir Nis Diluain, a thuilleadh air triùir eile as àirde dreuchd san t-Seirbheis Slàinte.

Thuirt Fear-Gairm na Comataidh, Pòl Martainn, gur e cothrom a bhios ann fiosrachadh fhaotainn air na dh'fhàg na cunntasan ionmhais ann an staid cho truagh, agus air na chaidh a dhèanamh bhon uair sin airson gnothaichean a chur ceart.