Àrdachadh air fàire air Aiseag a' Chorrain

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun dèan Comhairle na Gàidhealtachd oidhirp aon uair eile air àrdachadh a thoirt air na tha e a' cosg aiseag a' Chorrain, eadar Loch Abar agus Àird Ghobhair, a chleachdadh.

Coinnichidh Comataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd Diardaoin na seachdain seo gus planaichean àrdachadh 4% gach bliadhna, thar nan trì bliadhnaichean a tha ri teachd, a dheasbad.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gun cuidicheadh an t-àrdachadh le bhith a' maoineachadh an aiseig.

Tha muinntir na sgìre air a bhith a' cur an aghaidh àrdachaidh o chionn ùine a-niste.