Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ebola

Chaidh dàrna obraiche-slàinte airm a thoirt air ais a Bhreatainn agus dragh ann gur dòcha gun do thog iad Ebola. Thugadh iad a dh'Ospadal an Royal Free ann an Lunnainn. Tha neach eile a bha ag obair còmhla riutha mar thà fo sgrùdadh ann an sin. Tha deuchainnean fhathast gan dearbhadh co-dhiù thathas air Ebola a thogail. Aig a' cheart àm tha deuchainnean a' leantainn air banachdach an aghaidh Ebola ann an Liberia.

An Èipheit

Dh'iarr Breatainn air ùghdarrasan na h-Èipheit iad sùil a thoirt air na binn phrìosain a th' air dithis luchd-naidheachd bho Al-Jazeera, a tha fhathast an grèim san dùthaich. Chaidh Peter Greste, fear-naidheachd Astràilianach a bha an grèim còmhla riutha, a shaoradh an-dè. Thuirt Breatainn gu bheil seasmhachd na h-Èipheit an urra ri làn-ùrram do chòirichean daonna, agus fosgailteas. Chaidh Mgr Greste agus Mohamed Fahmy agus Bahir Mohamed, a chur an grèim ann an 2013.

Gnìomhachas na h-Ola

Tha coinneamh mhòr ga cumail ann an Obar Dheathain an-diugh feuch fuasgladh fhaighinn air duilgheadasan a tha ag èirigh do ghnìomhachas a' Chuain a Tuath ri linn prìs ìseal na h-ola. Tha am Prìomh Mhinistear agus Rùnaire na h-Alba am measg na bhios an làthair. Tha dùil gun iarr Nicola Sturgeon faochadh chìsean dhan roinn. Chaidh Alasdair MacIlleMhìcheil às àicheadh nach do ghluais Riaghaltas Westminster luath gu leòr air a' chùis.

Teine Bàsmhor

Tha dùil gur dòcha gun do chaochaill boireannach ann an teine aig taigh mòr ann an Cataibh. Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm gu Taigh Inbhir nan Allt, faisg air Achadh nan Lìon, oidhche Shathairne. Bhathas a' strì cha-mhòr 12 uair de thìde ris an teine. Chaidh cobhair a dhèanamh air boireannach a tha 62, ach tha boireannach eile fhathast a dhìth. Thathas a' tuigsinn gur i a' Bhaintighearna Jean Gilmour, a tha 93 bliadhna de dh'aois.

NHS na Gàidhealtachd

Bidh àrd-urrachan Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd gan ceasnachadh an-diugh le Buill-Phàrlamaid na h-Alba. Bidh Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich a' ceasnachadh nan oifigearan mu uireasbhaidhean ann an stiùireadh ionmhais a' Bhùird. Dh'fheumte £2.5m iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba an-uiridh, ri linn gun deach Ospadal an Ràthaig Mhòir thairis air a' bhuidseat.

Breacais

Tha daoine far an dòigh ann am Breacais anns an Eilean Sgitheanach gu bheil Còmhdhail na h-Alba a' moladh an casg-astair tron bhaile àrdachadh. Tha iomairt mhòr air a bhith ann ann am Breacais bho chionn ghoirid cabhsairean coiseachd ceart fhaighinn tron bhaile. Tha Còmhdhail na h-Alba ag iarraidh an casg a chur suas gu 50 m.s.u. bho 40 m.s.u. 's iad ag ràdh nach eil na tha sin de dhaoine a' coiseachd anns an sgìre, agus nach eil uimhir de thaighean faisg air an rathad mhòr fhèin. Tha iad a' sireadh bheachdan tha iad ag ràdh, agus tha iad ag ràdh nach eil iad aig an ìre seo air co-dhùnadh a dhèanamh.