Dol nas fhaide

  • Air fhoillseachadh
  • comments

O chionn beagan làithean, le foillseachadh an reachdais gus molaidhean Mhic a' Ghobhainn air tuilleadh chumhachdan a chur an gnìomh, bha na Làbaraich ag innse dhuinn gun robh an t-àm ann gluasad air adhart.

Le ceist an fhèin-riaghlaidh air a freagairt, thuirt iad, bu chòir dhuinn faighneachd dè a dhèanamaid leis na cumhachdan ùra a bha air fàire.

Cha do mhair sin fada.

Thill gaisgeach an Aonaidh, ùghdar a' Ghealltanais, Gòrdon Brown fhèin, don àrd-ùrlar gus comhair a thoirt don phàrtaidh aige is iad fhathast a' luinneanachadh anns an staing a rèir nan cunntasan-beachd.

Am beachd cuid, 's e an seann phrìomhaire a rinn barrachd na daoine sam bith eile airson an t-Aonadh a shàbhaladh as t-fhoghar.

An dèan e an dearbh rud a-rithist?

Soillearachd

Tha an dà chuid nabaidhean agus nàimhdean ag ràdh nach eil tòrr ùr anns a' phlana airson an 'Vow Plus' a dh'fhoillsich Jim Murphy an-diugh.

A-measg nan rudan a dheigheadh na b' fhaide na an reachdas a dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte o chionn goirid, tha am moladh gun tèid smachd air £1.8bn ann an airgead an t-sochair thaigheadais a thoirt do Holyrood.

Tha na Làbaraich ag iarraidh soilleireachaidh air na cumhachdan gus sochairean ùra a chur air dòigh agus cur ris an airgead a gheibh daoine bho shochairean a tha fhathast fo smachd Westminster.

Dh'innis iad dhuinn mar-thà gun robh airson 's gun tèid smachd air Prògram na h-Obrach a thoirt do Holyrood gun dàil gus dèiligeadh ri cion-cosnaidh.

Agus, uair eile, tha na Làbaraich ag ràdh gum bu chòir cumhachdan a thoirt air falbh bho Holyrood gu coimhearsnachdan.

Bhiodh dùil ri barrachd fiosrachaidh air na puingean seo nuair a dh'fhoillsicheas na Làbaraich am manifesto Albannach aca airson taghadh a' Chèitein.

Farpais

Anns na làithean mu dheireadh dhen iomairt anns an t-Sultainn, thàinig na Làbaraich, na Tòraidhean agus an Lib Deamaich còmhla gus tuilleadh chumhachdan a ghealltainn don Phàrlamaid an Dùn Èideann nam bhòtadh Albannaich an aghaidh neo-eisimeileachd.

Bha an teachdaireachd gu math sìmplidh - gheibh sibh na cumhachdan seo as bith cò bhitheas anns an ath riaghaltas aig Westminster.

Ach cha b'fhada gus an tug an taghadh sin uallach air an aonta eadar pàrtaidhean an Aonaidh le Dàibhidh Camshron a' dèanamh ceangal le ceist Shasainn air madainn an toraidh fhèin.

A-nis, tha na Làbaraich air an t-aonta sin a chur don darna taobh, ag ràdh gum faigh Alba barrachd chumhachdan bhuapasan na gheibheadh o na pàrtaidhean eile.

Bidh Mgr Brown agus Jim Murphy gum bi sin gu leòr gus sgrios a sheachnadh aig na bogsaichean-baileit.

Agus, nach tòrr an fharpais seo air daoine bhòtadh don phàrtaidh a tha airson a dhol nas fhaide builleach.